Measgachadh de sgeulachdan air caochladh chuspairean
S ann am Barrapol an Tiriodh a chaidh Niall M. Brownlie a thogail, ann an dachaigh 's an coimhearsnachd far an robh a' chà nan 's an dualchas air leth là idir. Bhiodh sgeulachdan à beul-aithris rin cluinntinn gu tric bho a mhà thair agus bho dhaoine a thigeadh a chèilidh air oidhcheannan geamhraidh.
Leis an spèis a bh' aige dha a chiad chĂ nan 's dhan dualchas, chaidh Niall a ghluasad gu sgeulachdan a chruthachadh. Bhiodh e ri bĂ rdachd cuideachd, agus thòisich e ri òrain agus rosg a chur còmhla. Nochd trĂŹ leabhraichean bhuaithe mar-thĂ , Bailtean is Ath-Ghairmean, A' ChlĂ rsach Ăr agus Meòrachadh.
Tha raon farsaing san dà sgeulachd dheug sa chruinneachadh seo gar toirt bho thachartasan sna seann linntean gu suidhichidhean doirbh, cunnartach an latha 'n-diugh ann an à iteachan mar Etiòpia, an Fhraing an à m a' chogaidh agus eile. Mar tha Niall fhèin ag rà dh, 'Tha na cuspairean a thagh mi a' treabhadh iomadh iomaire' agus tha e 'an dòchas gum bi sgeulachdan san trusadh a chòrdas ris an leughadairean'. Tha sinn glè chinnteach gum bi.