Bha an âMG ALBA Experimentâ le Beurla ceĂ rr
THE MG ALBA EXPERIMENT WAS WRONG - ANGUS PETER CAMPBELL
le cead an Ăšghdair, Aonghas PĂ draig Caimbeul, 24/07/2015Â
âAnn an dòigh Ă raid, seo againn cothrom toiseachadh as Ăšr le BBC Alba... Tha GĂ idhlig aâ toirt cothrom miorbhaileach dhuinn deiligeadh ri dĂšbhlan Whittingdale agus na Tòraidhean.â
âAn Ă ite ruith as dèidh muinntir na h-Alba air fad â a bhith ag obrachadh mar BBC Scotlandshire â faodaidh BBC Alba a bhith dha-rĂŹreabh eadar-dhealaichte.â
Tha mi air a bhith aâ leughadh mu dheidhinn fear a rugadh ann an New York, Stanley Milgram. Tha fiolm Ăšr, Experimenter, air nochdadh am bliadhna seo stèidhichte air na sgrĂŹobhaidhean aige. Bâe sĂŹcâeòlaiche a bhâann am Milgram a bha ag obair aig Oilthigh Harvard agus a chruthaich deuchainn rannsachaidh anns na 1960an a bha caran connspaideach, am âMilgram Experimentâ: sgrĂšdadh air mar a bha mac an duine aâ deiligeadh ri Ăšghdaras agus cumhachd. SgrĂŹobh e an leabhar ainmeil âObedience To Authority.â Cho-dhĂšin e: âThe disappearance of a sense of responsibility is the most far reaching consequence of submission to authority.â
âManufacturing consentâ, mar a chuir Noam Chomsky e. Tha am âmanufactured consentâ sin ag obrachadh mar aonta eadar na cumhachdaich agus na quangos âs na buidhnean a tha roinn aâchumhachd sin a-mach dhaibh. Buidhnean mar am BBC, cuid dhe na h-oilthighean, agus (nar saoghal beag gĂ idhlig fhèin) na buidhnean a tha air am maoineachadh leis an Riaghaltas airson poileasaidhean an Riaghaltais sin a chur an gnĂŹomh.
Mar eisimpleir: chan eil ach beagan lĂ ithean bhon a leig na Tòraidhean fios mu sgaoil gun e am BBC â seach an Riaghaltas â a phĂ igheas cosgaisean an âlicence feeâ do sheann dhaoine: uallach ÂŁ750 millean a thig far sporan aâ BhBC eadar seo agus 2020. Chaidh an aonta Ăšr a chur air dòigh eadar ĂrdâStiĂširiche aâ BhBC Tonaidh Hall agus an t-Seansalair, Seòras Osbourne, ann an dĂŹomhaireachd, gun a bhith aâ dol faisg air aâ phoball. Mar a thuirt Peter Preston sa Ghuardian: âThe BBC simply obeys.â
Bhon uair sin, tha PĂ ipear Uaine air nochdadh a tha aâ mineachadh mar a bhios sgrĂšdadh ga dhèanamh air aâ BhBC seach gu bheil an Aonta RĂŹoghail â an âRoyal Charterâ a tha na chĂšmhnant eadar am BBC agus an RĂŹaghaltas â aâ tighinn gu ceann.
Dè seòrsa BBC a bu chòir a bhith againn, bho dheireadh 2016 air adhart? Bidh cothrom aig aâ phoball am beachdan a chur a-steach, tha an RĂŹaghaltas ag rĂ dh. Creid thusa gu bheil am fear a tha aâ lĂ imhseachadh aâ chonaltraidh oifigeil seo, am Ministear Tòraidh a tha an urra ri âCultarâ, John Whittingdale, ri beul milis.
Ann am facal-toisich aâ PhĂ ipear Uaine, tha Whittingdale airson gun âsoirbhichâ leis aâ BhBC: tha e aâ creidsinn gun e rud âluachmhorâ a thâ ann; tha e pròiseil gu bheil am BBC aig âcrĂŹdhe na RĂŹoghachdâ agus gu bheil i aâ brosnachadh âfĂ sâ. Tha e mar am bĂšidsear aig Ă m na Nollaig aâ moladh reamhrachd nan turcaidhean. Oir tha fios aig na Tòraidhean gu bheil iad ann an suidheachadh lĂ idir aig Westminster. Cleachdaidh iad aâ chumhachd sin airson crathadh mòr a thoirt air a BhBC, bho bhun gu bĂ rr.
Tha ceistean ann gun teagamh. Tuarastalan mòra dĂŹomhair rionnagan is luchd-obrach aâ BhBC fhèin, a chaidh suas 22% an-uiridh. Na h-iomairtean âwhite elephantâ aca, leithid am pròiseact didseatach a chosg ÂŁ100 millean ann an 2013 agus nach do chleachd iad idir. An cuideam a thâ aig BBC Alba air aâ Bheurla. Chan eil gin dhe na rudan sin ceart neo fallain.
Tha an Conaltradh oifigeil seo mun BhBC gu bhith cianail cudromach. Agus tha fhios againn cuideachd gum bi buaidh aig a seo air aâ GhĂ idhlig. Mar-thĂ , tha GĂ idheil phroifeasanta â agus feadhainn aca a thâ air a bhith gu math balbh mu na cuspairean riatanach air aâ bhliadhna sa chaidh â ag èigheach gu feum sinn dĂŹon lĂ idir a dhèanamh air BBC Alba agus RĂ dio nan GĂ idheal. Feumaidh, oir tha e cho ceart ri ceart gum bi sianal Tbh GĂ idhlig lĂ idir agus seirbheis rèidio GĂ idhlig coileanta againn. Ach seo an rud: tha e furasta bruidhinn air luach nam meadhanan GĂ idhlig, ach dè dha-rĂŹreabh a tha sin aâ ciallachadh?
Oir chan e sianal GĂ idhlig a thâ ann am BBC Alba ann. O thòisich an t-sianal ann an 2009, âs e tha na riaghladairean, MG Alba agus BBC Scotland, air aobhrachadh ach lethsheirbheis Beurla-GĂ idhlig. Tha BBC Alba mar sheòrsa de substitute airson Sianal Albannach. Mar gun cuireadh Barcelona air mise an Ă ite Messi ann an gèam ball-coise.
Ann am pĂ ipear ris an canar âCo-chomhairle Phoblach 2015â a nochd bho chionn seachdain neo dhĂ , dhâaidich MG Alba gu robh iad a hâaona ghnothach aâ cleachdadh Beurla mar phĂ irt de dhâoidhirp air an tug iad fhèin ânormalisationâ. âS e tha seo ach sgrios nan sgriosaidhean: feallsanachd uamhasach a tha aâ leigeil le Beurla a bhith na phoileasaidh oifigeil aig buidheann a tha aâ faighinn aâ mhaoineachaidh stèidhichte air aobhar na GĂ idhlig. Tha na h-uaislean GĂ idhealach againn fhèin aâ mĂšchadh an cĂ nan fhèin. Mar a thuirt neach-ionnsachaidh Alison Kinnaird Ă DĂšn Ăideann am bliadhna âMar as motha de Bheurla aâ nochdadh air BBC Alba, âs ann as lĂ ige a tha buaidh GĂ idhlig anns aâ bheatha lĂ itheil againn uile.â
Tha e na dhòchas gu bheil daoine sna coimhearsnachdan againn aâ faicinn tron sgleò. Bu chòir dhuinn a bhith moiteil Ă s daoine òga leithid Ruairidh MacĂomhair Ă Leòdhas, Ishi Nicilleathain Ă Barraigh agus Robbie Anndra MacLeòid Ă DĂšn Ăideann, gun ghuth air Morag NicLeòid Ă Scalpaigh, Aonghas Dubh MacNeacail Ă Carlops agus feadhainn eile, a tha aâ seasamh còmhla gu lĂ idir an aghaidh an tĂšil Bheurla seo. Ann an 2015, tha dearbhadh againn nach eil feum (an robh a-riamh?) air fo-thiotalan Beurla loisgte airson prògraman Ăšra air BBC Alba. Fhuair Lisa Storey freagairt oifigeil bho Urras aâ BhBC is iad ag aideachadh gu bheil leud-banna (bandwidth) gu leòr ann gus cothrom a thoirt do fo-thiotalan Beurla a bhith falaichte, ma dhâfheumas iad a bhith ann. An-drĂ sta. Tha e fĂŹor dhuilich nach fhaic Ă rd-riaghladairean MG Alba agus BBC Scotland an fhĂŹrinn ghlan a tha air am beulaibh.
Tha miân dòchas gun cleachd na GĂ idheil cothrom-conaltraidh aâ PhĂ ipear Uaine seo gus innse don Riaghaltas gun e seirbheis dha-rireabh GĂ idhlig a dhith oirnn. Ann an dòigh Ă raid, seo againn cothrom toiseachadh as Ăšr le BBC Alba. Le sglèat Ăšr mar a bhâaig mâathair âs mo mhĂ thair sa bhun-sgoil!
Tha GĂ idhlig aâ toirt cothrom miorbhaileach dhuinn deiligeadh ri dĂšbhlan Whittingdale agus na Tòraidhean: âQuestions persist  around the distinctiveness of the programmes the BBC delivers, and whether it uses its broad purposes to act in too commercial a way, chasing ratings rather than delivering distinctive, quality programming that other providers would not.â (facal-toisich Whittingdale, am PĂ ipear Uaine)
Gheibhear freagairt ceart air aâ cheist gu h-Ă rd, ma chuireas sinn cudrom air GĂ idhlig â ma dhâatharraicheas riaghladairean BBC Alba an cuid phoileasaidhean. A bhith ag aideachadh gun robh an MG Alba Experiment le Beurla ceĂ rr. An Ă ite ruith as dèidh muinntir na h-Alba air fad â a bhith ag obrachadh mar BBC Scotlandshire â faodaidh BBC Alba a bhith dha-rĂŹreabh eadar-dhealaichte.
GĂ idhealach, ionadail, cruthachail agus eadar-nĂ iseanta. Tha BBC Alba mar aâ bhò anns an t-seann sgeulachd nach bâ fhiach a bleoghainn o chionns gun robh i fo gheasaibh: cha toireadh i dhut ach uisge, seach bainne. Bha an droch shĂšil air laighe oirre, ach chaidh a slĂ nachadh aig aâ cheann thall le oba is uba is rann an ainm an Trianaid. Nach ann aca a bha an cumhachd, âs nach sinn a dhèanadh feum air nar latha.
Na còirichean uile glèidhte, Aonghas Pà draig Caimbeul, 2015
West Highland Free Press 24/07/2015
Gu h-Ă rd, an aiste slĂ n a nochd sa PhĂ ipear Bheag 24/07/2015 - www.whfp.com @whfp1Â Taing airson cead a chleachdadh.
Litir gu MG ALBA agus BBC Scotland, 2015
âChan eil mi aâ coimhead air Tbh sa GhĂ idhlig airson Beurla a leughadhâ - beachd Robbie Anndra MhicLeòid air blog (07/07/2015) MG ALBA
âTomorrowâs BBCâ - cothrom beachdan a chur thuca ro Sultain 2015 -Â https://consultations.external.bbc.co.uk/bbc/tomorrows-bbc