Cuairt airson sìth
Gu h’obann,
tha solas ann
a’ deàrrsadh air na manaich
agus an cù dìleas aca.
A' coiseachd airson sith.
Ann an aimsir sam bith -
Uisge. Sneachd. Ghrian. Gaoth.
Aon cheum aig aon àm
Latha às dèidh latha.
Tha flùraichean
agus beannachdan
agus bràislichean ann.
Tha faclan brèagha ann.
Tha daoine a-miugh
ann an aimsir sam bith
gus am faicinn.
Bidh iad a’ caoineadh gu tric
oir tha teachdaireachd aig na manaich:
‘Tha sìth againn uile a-staigh.’
Agus tha solas ann
nar cridheachan.
Bidh sinn a’ deàrrsadh a-mach do chàch:
‘Bi gu math, sona agus aig sìth.’
Gu h-obann,
tha dòchas ann.















