Simon Brooks - aiste
Seo 2022 - agus tha na briathran seo iomchaidh fhathast.
Fiosrachadh âS e sgoilear Cuimreach agus neach-iomairt cĂ nain a thâ ann an SĂŹm Brooks.  Bâ Ă bhaist dha a bhith os cionn na h-iris cĂšisean an latha Cuimreach, Barn (Beachd).  Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh.  âS e rinn, còmhla ri co dheasaiche, aon dhe na sgrĂšdaidhean as mionaidaiche ceangailte ri stĂ id na Cuimris ann an Cunntas-Sluaigh 2011.  Tha an leabhar aige, Pam na fu Cymru, foillsichte le Clò Oilthigh na Cuimrigh, aâ toirt sĂšil gheur air an iomairt airson neo-eisimeileachd anns aâ Chuimrigh.  Tha an t Ollamh SĂŹm Brooks aâ fuireach ann an sgire far a bheil aâ mhòr-chuid aâ bruidhinn na  Cuimris, an iar-thuath na dĂšthcha.  Tha e trang sa choimhearsnachd, far a bheil e na chomhairliche-baile.
Tha na leanas eadar-theangaichte le Lisa Storey, le cead ShĂŹm Brooks
-
âFeumaidh sinn sabaid an aghaidh seo. Faodaidh sinn ionnsachadh bho cĂ ch a chèile ann am mion-chĂ nain eile, leithid an iomairt a tha aâ dol an-drĂ sta an aghaidh fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba.  Mo bheannachd air na luchd-iomairt.â - SĂŹm Brooks
âGu dearbha, nĂŹ fo-thiotalan Beurla loisgte barrachd cron na feum. Tha iad dĂŹreach a' cur an cuimhne luchd na mion-chĂ nanan gu bheil iadsan fhathast fo chois luchd na Beurla.â - SĂŹm Brooks
-
Fo-thiotalan TBh agus bĂ s annasach na Cuimris
SĂŹm Brooks
Chan eil ann an telebhisean ach teicneolas. Tha na tha a' tachairt leis an teicneolas sin - co-dhiÚ 's ann air S4C, TG4 no BBC Alba - na sgà than air na tha a' tachairt sa choimhearsnachd. 'S urrainn an dòigh tha cà nan ga cleachdadh ann an telebhisean cuideachd sealltainn cò feallsanachd shònraichte a tha a' riaghladh.
Nuair a chaidh S4C a stèidheachadh ann an 1981, thachair e an dèidh strÏ a mhair deich bliadhna sa Chuimrigh. Cha robh ach mu cheithir sianailean ann aig an à m, uile air an ruith leis, no le cead bho an Stà it, agus bha prògraman gan tabhann ann am Beurla no ann an Cuimris.
Bha sin a' sealltainn mar a bhathar a' faicinn dĂ -chĂ nanas aig an Ă m. B' ann le âdĂ -chĂ nanasâ a bha an StĂ it a' toirt còirichean cĂ nain dhan t-sluagh aig an robh a' mhion-chĂ nan.
San t-seagh seo, bha dĂ -chĂ nanas air a thogail air bunait lĂ idir agus bha e na chuideachadh dhan mhion-chĂ nan. Bha e a' ciallachadh gum biodh cuid a rudan gan dèanamh ann am Beurla agus cuid ann an Cuimris. Dh'fheumadh Beurla a bhith aig a h-uile duine, ach bha cuid a dh'Ă iteachan sòisealta agus stèidhichte (âinstitutionalâ) air an glèidheadh mar Ă iteachan 'sĂ bhailte' dhan mhion-chĂ nan. Cha chuirte dĂšbhlan air a' Chuimris sna h-Ă iteachan sin.
Gluais air adhart mu 30 bliadhna gu na 2010an. Tha dĂ -chĂ nanas fhathast againn ach tha ciall an fhacail air atharrachadh.
Chan ann le dà -chà nanas a tha coimhearsnachd a' mhion-chà nain tuilleadh a' faighinn a còirichean. An à ite sin, tha dà -chà nanas a' gluasad luchd na mion-chà nain nas dlÚithe ri 'à bhaisteachd' an fheadhainn aig a bheil meas air Beurla.
Chan eil âa' Chuimrigh dĂ -chĂ nanachâ tuilleadh na dĂšthaich far am faod a h-uile neach a' chĂ nan a tha iad ag iarraidh a chleachdadh. 'S e dĂšthaich a th' ann far nach fheum duine sam bith Cuimris ionnsachadh ach tha còir aig a h-uile duine pĂ irt a ghabhail anns gach nĂŹ a tha tachairt. Tha seo a' ciallachadh gun fheum tachartasan ann an Cuimris a bhith air an eadar-theangachadh, ach chan fheum tachartasan ann am Beurla eadar-theangachadh gu Cuimris.
'S e seo, gu dearbh, bĂ s annasach na Cuimris. Tha cĂ nan Ăšr, Bilingualish air Ă ite Cuimris a ghabhail. Tha dĂ chĂ nan ga bruidhinn an-diugh sa Chuimrigh, Beurla agus Bilingualish.
Tha an gluasad seo bho Cuimris gu Bilingualish follaiseach agus cudromach. B' Ă bhaist do thachartasan sa Chuimrigh a bhith air an cumail ann am Beurla no ann an Cuimris. A-nis, bidh iad ann am Beurla, no san dĂ -chĂ nan.
Nuair a bhiodh pà ipearan-naidheachd ionadail (papurau bro) gan cur air bhog ann an coimhearsnachdan Cuimreach sna 1970an, bhiodh iad air am foillseachadh ann an Cuimris. Nuair a bha là raich-lÏn gan tòiseachadh sna 2000an, sna h-aon choimhearsnachdan sin, bha iad uile dà -chà nanach.
Dh'fhaodadh comhairlean-coimhearsnachd obrachadh san 20mh linn an Cuimris no Beurla a-mhà in, a rèir cà nan na coimhearsnachd. A-nis, bidh Ombudsman na Cuimrigh a' cur casaid air comhairlean-coimhearsnachd a tha a' cleachdadh Cuimris a-mhà in gu bheil iad a' cumail Cuimrich a-mach, agus ag rà dh gun e droch fhrithealadh a tha iad a' dèanamh. Tha comhairlean a tha a' cleachdadh Beurla a-mhà in a' cumail orra san dòigh sin gun chasaid sam bith.
Bithear tric a' gearain mu'n Eisteddfod gu bheil poileasaidh aca gum bi e ann an Cuimris a-mhà in. Tha fèisean eile sa Chuimrigh a' cumail orra - mar fèis Hay - gu sunndach le Beurla a-mhà in. Chan eil fèisean ciÚil Cuimreach ann tuilleadh: tha iad dà -chà nanach. 'S mar sin air adhart, tha'n liost a' dol 's a' dol.
A thaobh S4C agus am poileasaidh a bh' aca bho shean - prògraman a bhith ann an Cuimris a-mhà in - chÚm e craoladh Cuimris sà bhailte, gu Ïre, bho na fo thiotalan 's bhon dà -chà nanas. Ach nuair a stèidhich S4C seirbheisean ceangailte ris na meadhanan sòisealta, leithid cunntas Twitter agus là rach-lÏn - bha iad sin dà chà nanach bho thÚs.  Nach eil e iongantach, ged-tha, nach eil na meadhanan Beurla sa Chuimrigh a' toirt seachad seirbheisean dà -chà nanach? Oir 's ann mu cheann muinntir na mion-chà nain a-mhà in a thathar a' cur an dà chà nanas agus Bilingualish.
Tha am moladh a th' air nochdadh bho chionn ghoirid gum bu chòir fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air prògraman ann an Cuimris a' sealltainn tuilleadh oidhirpean gus cultar Cuimreach a dhèanamh Gallda, dà chà nanach.
NĂŹ e fĂŹor chron nach gabh leasachadh air fèin-earbsa luchd-labhairt Chuimris, a' chĂ nan Chuimreach a bhith air a ceangal ri Beurla. Oir ma tha a h-uile facal Cuimreach ri fhaighinn aig an dearbh mhionaid ann am Beurla, gu dè am feum a th' ann a' Chuimris a bhith ann idir? Feumaidh sinn sabaid an aghaidh seo. Faodaidh sinn ionnsachadh bho cĂ ch a chèile ann am mion-chĂ nain eile, leithid an iomairt a tha aâ dol an-drĂ sta an aghaidh fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba.  Mo bheannachd air na luchd-iomairt.
Feumar sgrÚdadh as Úr a dhèanamh air ciall dà -chà nanas sna dÚthchannan Ceilteach, gus am bi e na bhuannachd don t-sluaigh, an à ite cur-seachad cosgail gun chiall, mar a tha e an-drà sta. Bu chòir dhuinn a dhol air ais chun a' chiall a bh' aige. Gum bi cuid a dh'à iteachan sòisealta ann anns am faighear Beurla (gun eadar-theangachadh) agus à iteachan eile anns am faighear Cuimris, Gà idhlig no Gaeilge (gun eadar-theangachadh).
Dh'fhaodadh beagan measgachadh a bhith ann aig na h-oirean, gun teagamh, gun cus cron. Ach ma tha Cuimris, GĂ idhlig agus Gaeilge gu maireachdainn feumaidh Ă iteachan a bhith ann far an fhaod daoine an cleachdadh gun a bhith air an claoidh 's air an sĂ rachadh.
Feumaidh sianailean telebhisean nam mion-chà nanan feadhainn dhe na h- à iteachan sin a thoirt dhuinn. Ma tha fo-thiotalan Beurla loisgte aig na prògraman aca air an scrion, chan eil sianalan telebhisean mar ghoireas gu feum sam bith do choimhearsnachdan nam mion-chà nanan. Gu dearbha, nÏ iad barrachd cron na feum. Tha iad dÏreach a' cur an cuimhne luchd na mion-chà nanan gu bheil iadsan fhathast fo chois luchd na Beurla.
Na còraichean @ Simon Brooks, 2016
An eadar-theangachadh @ Lisa Storey, 2016
-
Fiosrachadh eile
An t-Oll. Eithne OâConnell - TG4 agus BBC Alba
Litir gu MG ALBA 2017
An t-aiste bho thĂšs le ShĂŹm Brooks - tha an t-aiste le SĂŹm an seo. âS e eadar-theangachadh a thâ ann gu h-Ă rd, le cead ShĂŹm Brooks. Tha sinn gu mòr na chomain.  Bha gaidhlig.tv airson gum biodh dreach GĂ idhlig aâ nochdadh an toiseach - agus chan eil GĂ idhlig aig SĂŹm Brooks choir (âs e Cuimris a thâ aige, agus fĂŹor chorra uair sgrĂŹobhaidh e ann am Beurla. Tha SĂŹm an aghaidh an dĂ chĂ nan a bhith còmhla air an aon duilleag, tha e ag innse dhuinn).
Co-theacsa - carson a tha SĂŹm Brooks aâ sgrĂŹobhadh? Faisg air an Nollaig an 2015, rinn fear Tweli Griffiths (bâ Ă bhaist dha bhith ag obair aig S4C) nĂ dar de leth mholadh gum bu chòir fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air prògraman S4C.  Tha an sgoilear SĂŹm Brooks agus feadhainn eile, mar a tha SĂŹm aâ dearbhadh dhuinn gu h-Ă rd, den bheachd gun e mearachd a bhiodh ann.  A thaobh fo-thiotalan air S4C, tha gnothaichean meadhanach math mar a tha iad (tha iad tòrr nas fheĂ rr na BBC Alba agus TG4 - dĂ stèisean telebhisean aig a bheil poileasaidhean seann-fhasanta, poileasaidhean a tha ceangailte ri chèile) - tha roghainn aig luchd-amhairc S4C fo-thiotalan Beurla neo Cuimris a chur air, neo an cur am falach. Agus, mar a tha S4C fhèin ag aideachadh, chan eil iarrtas lĂ idir sam bith ann airson fo-thiotalan Beurla loisgte. Seasaidh leithid SĂŹm Brooks agus Cymdeithas yr Iaith gu lĂ idir an aghaidh oidhirp sam bith Beurla a thoirt a-staigh.
Tha e math na faclan aig SĂŹm Brooks a leughadh, faclan  anns a bheil mòran gliocas mu bhuaidh fo-thiotalan Beurla air prògraman  telebhisean GĂ idhlig/Gaeilge/Cuimreach. Tha Simon Brooks a'  faicinn mar a dh'fhaodadh fiĂš 's a Chuimris  a bhith ann an cunnart bhon a ghluasad ghòrach a tha cuid a dhaoine ag iarraidh.  Tha SĂŹm Brooks aâ cur taic ri iomairt gaidhlig.tv agus an oidhirp againn gus cur as do fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba.  Tha rathad nas fheĂ rr ann.  Cuiribh taic ri SĂŹm Brooks mas urrainn dhuibh.
Lisa Storey
2022 - IOMCHAIDH FHATHAST













